A’ leantainn air a’ choileanadh shoirbheachail aca air ‘An Leabhar Seunta’ a bha na thaisbeanadh-ciùil gu tur ùr le measgachadh de dh’òrain pop agus Gàidhlig, tha Casan Ceòlach air ais le taisbeanadh-ciùil ùr eile agus tha iad a’ coimhead ri daoine a dhol an sàs ann. Tha a’ bhuidheann a’ coinneachadh ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a h-uile Diluain aig 6.30f agus 8.00f.