Tha Brosnachadh (fèis do chloinn aois 3-12 bliadhna) toilichte a’ bhùth-obrach bhrosnachail Ghàidhlig seo a thairgsinn do na sgoiltean-àraich uile ann an Glaschu.
Òrain Bheaga
Yvonne Wyroslawska & Suzanne Houston
Comharrachadh ‘Bliadhna Eileanan na h-Alba’
Gabh turas cànain ann am bàta mas-fhìor tarsainn a’ chuain agus gabh tlachd à òrain is sgeulachdan Gàidhlig. Ionnsaich beagan fhacail, òran agus ceum no dhà dannsa!
Cuin: Diluain 24 – Dihaoine 28 Dàmhair, leth-latha no latha slàn.
Àite: fosgailte do sgoiltean-àraich agus ionadan teaghlaich air feadh Ghlaschu Gleidheadh: 0141 287 5810; cosgais: £3 pàiste / inbheach. Aois: 3-5 bliadhna