Fèis Bhaile nam Marsantach

25 – 29 Iuchair 2012

Bidh Fèis Bhaile nam Marsantach a’ tilleadh airson 5 latha de na taisbeanaidhean sràide as fheàrr, dannsa, ceòl, draoidheachd, stàilichean, geamannan sràide,Ealain Ghàidhlig is mòran a bharrachd

 

Am-bliadhna, bidh am Fear Mòr miotasach a’ nochdadh ann an Ceàrnaig Sheòrais (5f. Dihaoine 27 Iuchair), bidh òran Gàidhlig air a sheinn le fir a bhios a’ cur fàilte air agus e a’ dùsgadh às a’ chadal 10,000 bliadhna, òran air a stiùireadh leis an neach-sgrìobhaidh òrain agus buadhaiche a’ Bhuinn Òir, Alasdair Mac ’IlleBhàin. Faodaidh luchdfrithealaidh na Fèise an uair sin am Fear Mòr a leantainn fhad ’s a bhios e a’ siubhal tro Bhaile nam Marsantach agus a’ coinneachadh ri caraidean ùra. Cuideachd, coimhead a-mach airson Gráinne Mhòrail, An gnìomhaiche sràide agus coisiche Gàidhlig nan casan maide, air Disathairne 28 Iuchair. Air 29 Luchair bidh Ceòl ’s Craic a’ taisbeanadh an tachartais mhìosail aca agus bi a’ coimhead a-mach airson cothrom air an cafaidh còmhraidh Gàidhlig a fhrithealadh an-asgaidh ann am bàr an Tron air 27 - 29 Iuchair.

Tha Moira NicIlleathain, an neach-ealain lèirsinneach stèidhichte ann an Leòdhas, a’ toirt a taisbeanadh Buisneachd a Ghlaschu fhad ’s a bhios Fèis Bhaile nam Marsantach a’ ruith. Tha an obair aice a’ rannsachadh chùisean mu thrèigsinn, crìonadh, neo-mhaireannachd agus sliochd air falbh bho am freumhan, gu h-àraid bho shealladh teaghlachail bhoireannach. Tha Buisneachd (a’ Ghàidhlig airson draoidheachd, geasan, seunachd) a’ cuimseachadh air agus ag ath-eagrachadh nam beachd-smuaintean sin. Tha e mu dheidhinn dachaigh, a’ chagailt, an talamh agus na speuran.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, faicibh: http://www.merchantcityfestival.com/

Glasgow Life Logo
CONTACT US