An e neach-ealain dràma a th’ annad leis am bu mhath ìomhaigh d’ obrach a thogail no a leasachadh? Ma tha thu ag obair air sgriobt ùr, coileanadh stèidse nad sheasamh, sgeidse ghoirid, fèin-labhairt, leughadh sgriobt, ruith thairis air obair eadar-theangachaidh no a’ toirt Macbeth (ann an Gàidhlig!) sìos bhon sgeilp, dh’fhaodadh seo a bhith dhutsa!
Mar phàirt de chlub mhìosail ealain Ceòl ’s Craic, tha sreath ùr de chothroman coileanaidh neo-fhoirmeil gan toirt a-steach. Chan eil cuideam sam bith ann airson nì sam bith a thoirt gu buil. Tha seo mar phròiseact a bhios leantainneach agus gabhar ri molaidhean aig àm sam bith tron bhliadhna. Cuiribh fios gu info@ceolscraic.co.uk.