Air a choileanadh le Daibhidh Walker. Air a stiùireadh le Liz Carruthers. Air eadar-theangachadh le Ian MacDonald. Air a bharantachadh le Glaschu Beò.
Diardaoin 29 Samhain
1.30f (taisbeanadh sgoiltean)
& 8.30f, £4
Chan e duine àbhaisteach sam bith a th’ ann an Seonaidh Macbheatha … duilich ... caractar Shakespearach a th’ ann. Dìreach dhen an aiseag à Uibhist a Deas, tha e air turchairt air bàr an Tron ann an Glaschu le sgeulachdan do-chreidsinneach mu chumhachd, beò-ghlacadh, ciont, taibhsean agus ceilg co-cheangailte riuthasan as fheàrr agus as cumhachdaiche ann an Alba na Gàidhlig. Caran coltach ri sealladh à coinneamh bòrd-stiùiridh aig Bòrd na Gàidhlig!
An e dìreach gu bheil e air an daoraich no an e seo ròlaistean duine air a dhol às a chiall mar thoradh air iarrtasan na tè sa bheil e ann an trom-ghaol?