CONTACT US

Linda NicLeòid
Oifigear Leasachaidh An Lòchran 22 Sraid Achadh a' Mhansa Glaschu G11 5QP
+44 (0)141 341 1025
linda@anlochran.com

Sgeama Lionraidh Drama Ghaidhlig 2013 (Deas)

A’ leantainn bho cho-chomhairle a chaidh a chumail bho chionn ghoirid mu leasachadh ann an Dràma Ghàidhlig an Glaschu, tha An Lòchran agus Glaschu Beò a’ cur fàilte air iarrtasan chun an Sgeama Lìonraidh Dràma Ghàidhlig 2013 (Deas). Bidh dà shuim do £5000 ri fhaighinn bhon Sgeama agus thèid seo a thabhann gu na tagraichean as soirbheachaile a sheallas mar a fhreagaireas an cuid phròiseactan prìomh raointean leasachaidh Bòrd na Gàidhlig airson Dràma Ghàidhlig, agus na prìomhachasan ionadail airson Dràma Ghàidhlig sa bhaile cuideachd.


’S e 5uf air Diluain an 18mh dhen Ghearrain 2013 an ceann-latha airson iarrtasan chun an Sgeama Lìonraidh Dràma Ghàidhlig.

Ma tha ceistean sam bith agaibh, neo ma tha sibh feumach air tilleadh fiosrachaidh mun taic-airgid seo, cuiribh fios gu linda@anlochran.com.

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri cluinntinn bhuaibh.​
​​​​​
Glasgow Life Logo
CONTACT US