CONTACT US

Tron Theatre’s Victorian Bar
63 Trongate Glasgow G1 5HD
0141 552 4267

Sgeulachdan & Seanchas

Latha nan Uile Naoimh / Anman & Latha nam Marbh: 

Sgeulachdan & Seanchas 


Diardaoin 1 Samhain
1-4f, £2

A bheil ùidh agad ann am feasgar ciùin le cupan teatha, sgonaichean, beagan fèisteis agus cruinneachadh de chàirdean a’ co-roinn sgeulachdan is seanchas no dhà? Ma tha, nach tig thu dhan Tron airson feasgar socair is brosnachail còmhla ri Doli NicIllinnein, bana-chleasaiche is sgrìobhaiche ainmeil, a bhios a’ stiùireadh còmhradh neo-fhoirmeil air an Dà Shealladh agus a’ toirt dhuinn blasad den os-nàdarra, le sgeulachdan air am bi mòran sa choimhearsnachd Ghàidhlig eòlach. 

Leanar seo le taisbeanadh air pìos goirid bho Dathan Soilleir A-Mhàin, dealbh-chluich a tha a’ toirt sùil neo-àbhaisteach air an taobh èibhinn de thiodhlacaidhean is bàs agus nòs an taigh-fhaire – dealbh-chluich dhaibhsan a tha gu bàsachadh airson fuireach beò! 

Tha an tachartas seo a’ gabhail àite air 1mh Samhain, a bhios air a chomharrachadh air feadh an t-saoghail mar Latha nam Marbh agus Latha nan Uile Naoimh is Latha nan Uile Anman. 

Ma tha thu nad bhall nas sine den choimhearsnachd Ghàidhlig / Èireannaich, tha sinn an dòchas gum bi ùidh àraid agad san tachartas seo. 
Glasgow Life Logo
CONTACT US