A bheil Gàidhlig agad? A bheil ùidh agad ann an dràma? Is dòcha gu bheil dreach sgriobt agad air falach fon leabaidh agus nach d’ fhuair thu a-riamh cothrom air a leasachadh?
Is dòcha gur e bàrd, neach-sgrìobhaidh òran, òraidiche, neach-dèanamh fhiolmaichean, cleasaiche no seanchaidh a th’ annad nach do smaoinich a-riamh air dràma Gàidhlig a sgrìobhadh?
Tha Theatar Nàiseanta na h-Alba a’ dèanamh rannsachadh agus bu mhath leotha cluinntinn bho neach sam bith le ùidh no eòlas co-cheangailte
san raon seo. Cuir fios gu Muireann@hotmail.co.uk.