Tha an Obairlann Ghàidhlig ag amas air ath-bheachdachadh air traidiseanan an taigh-cèilidh ann an co-theacs Albannach na 21mh linn, a’ tarraing choimhearsnachdan còmhla, a bhiodh mar bu nòs a’ cruinneachadh ann an dachaigh sa bhaile aca agus a’ seinn, a’ dannsa agus a’ cluiche ciùil. Ann an co-bhonn ri Ankur Productions agus le urrasachd bho Ideas Tap, bidh sgeulachdan Gàidhlig air an cleachdadh mar thoiseach tòiseachaidh gus beachd-smuain an fhacail ‘cèilidh’ a sgrùdadh, agus tadhal, lorg is rannsachadh a dhèanamh air measgachadh saidhbhir de sgeulachdan bho làntachd de chultaran a tha beò ann an an Alba san latha andiugh. Tro bhùithtean-obrach (a’ cleachdadh ceòl, dràma, am facal labhairteach, dannsa agus òrain) bidh pìosan seanchais gun choimeas air an cruthachadh agus air an cur an gnìomh aig cèilidh ann an Ionad Ioma-Chultarach Garnethill air 21mh Ògmhios.