6 – 12 Lùnastal 2012
Am-bliadhna, bidh Pìobaireachd Beò ! 2012 a’ comharrachadh dualchas pìobaireachd is cànain le grunn tachartasan a’ gabhail àite, anns a bheil cuimse shoilleir Ghàidhlig agus an dà chuid Gàidhlig is Gaeilge air a riochdachadh. Tha cuirmean-ciùil feasgair a’ tarraing na cuimse seo ri chèile leis a’ Chuirm-chiùil air a’ Chiad Oidhche a’ nochdadh Còmhlan-ciùil Iain McSherry agus Mìcheal McGoldrick agus am prìomh thachartas, Òrain nam Pìobairean, a’ nochdadh Caitlin NicAonghais ’s a Caraidean agus Breabach, a thuilleadh air Blazin’ Fiddles agus Balaich Bhatarsaigh a’ gabhail thairis dà oidhche eile. Tron chòrr den t-seachdain tha Cafaidhean Còmhraidh Gàidhlig, Cuairtean Taigh-tasgaidh dàchànanach, bùithtean-obrach mhòra agus bidh cànan is òrain Ghàidhlig nam pàirt de ghnìomhachdan Latha Spòrs nan Teaghlaichean.
www.pipinglive.co.uk