Is e aon de na prìomh dhealasan ann am Plana Gàidhlig Comhairle Baile Ghlaschu, meudachadh air cleachdadh na Gàidhlig air soidhnichean oifisean ann am meadhan a’ bhaile agus Gàidhlig a chur air soidhnichean mar a bhithear gan ath-ùrachadh no gan ionadachadh ann an togalaichean eile.
Tha soidhnichean dà-chànanach air an cur an sàs ann an Seòmraichean a’ Bhaile, 220 An t-Sràid Àrd, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus slighean a-steach don bhaile mar ullachadh air Geamannan a’ Cho-Fhlaitheis 2014. Cuidichidh seo le meudachadh air so-fhaicsinneachd na Gàidhlig ann agus mun cuairt a’ bhaile agus leantainneachd air ìomhaigh deimhinneach adhartachadh don chànan.
Tha coltas ann gum bi meudachadh air so-fhaicsinneachd na Gàidhlig ann an Glaschu na chuspair leantainneach anns an ath Phlana Gàidhlig aig a’ Chomhairle. Thòisich deasbadan air structar is susbaint a’ Phlana ùir le Bòrd na Gàidhlig o chionn ghoirid agus leanaidh sin thar nam mìosan a tha ri teachd. Bidh a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd – daoine fa leth, compàirtichean liubhairt, am poball, buidhnean prìobhaideach is saor-thoileach – an sàs gu gnìomhach agus an lùib a’ phròiseas leasachaidh. Tha sinn a’ sùileachadh gun cuir Bòrd na Gàidhlig aonta ris a’ Phlana ùr ann an 2013.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Phlana Gàidhlig na Comhairle, cuiribh post-d no fòn gu Dòmhnall Mac a’ Phì, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig: donald.macphee@glasgow.gov.uk no 0141 287 5940.