Farpais (now closed)
Bidh iad ag ràdh gu bheil ‘Daoine a’ cur ri Glaschu’, ach dè tha a’ tachairt às aonais nan daoine ri sràidireachd a-muigh, agus ciamar a tha an glasadh-sìos ag atharrachadh ar beatha sa bhaile?
Tha Glaschu Beò agus Comhairle nan Leabhraichean ag iarraidh ort Litir gu Glaschu a sgrìobhadh sa Ghàidhlig, a’ cur an cèill do smuaintean air a’ bhaile mhòr againn aig an àm annasach seo.
Airson pàirt a ghabhail san farpais cuir an Litir agad (suas gu 750 facal) gu artmusiclearning@glasgowlife.org.uk ro 29mh Ògmhios. Gheibh sgrìobhadair (18 +) na litreach as fheàrr £500 agus thèid an litir fhoillseachadh air-loidhne.
Riaghailtean agus Cumhaichean
Tha a’ cho-fharpais seo ga cur air dòigh le Glaschu Beò agus Comhairle nan Leabhraichean.
Tha a’ cho-fharpais seo fosgailte do dhuine sam bith a tha ochd bliadhna deug a dh’aois no nas sine.
Faodaidh gach neach aon tagradh a-mhàin a chur a-steach.
Feumaidh gach tagradh a bhith ann an Gàidhlig na h-Alba. Bidh na britheamhan a’ coimhead airson nam beachdan as fheàrr, agus cha bhi iad a’ peanasachadh tagradh far a bheil mearachdan litreachaidh no gràmar sa Ghàidhlig. Dh’fhaodadh an tagradh as fheàrr a bhith ga dheasachadh mus tèid fhoillseachadh.
Chan fhaod an tagradh a bhith nas fhaide na 750 faclan. Bu chòir tagraidhean a bhith ann an cruth Word, ceangailte ri post-dealain. Taobh a-staigh a’ phuist-d, cuiribh ur n-ainm, seòladh dachaigh agus àireamh fòn, ach cha bu chòir ur n-ainm no dad sam bith a bheireadh fios cò sibh a bhith san litir fhèin, bhon a bhios na tagraidhean air am breith gun fhios cò sgrìobh iad.
Cuiribh tagrabh ro 9m Diluain 29mh den Ògmhios. Cha ghabhar ri tagraidhean a gheibhear an dèidh a’ chinn-latha sin.
Bidh an triùir a tha air a’ phanal a’ tighinn bhon dà bhuidhinn agus bidh iad a’ taghadh an neach-buannachaidh.
Tha an neach-buannachaidh a’ toirt cead airson an cuid sgrìobhaidh a bhith ga fhoillseachadh air-loidhne agus airson pròiseact sam bith san àm ri teachd, cho fada ’s a tha gach buidheann ag aontachadh, agus ma tha e freagarrach nuair a bhios an glasadh-sìos seachad. Mairidh an dlighe-sgrìobhaidh leis an ùghdar.