GUIR! Gairm airson Luchd-ealain is Buidhnean
Read this call-out in English
Read full call-out and application information in English
GUIR! Call Out for Artists and Organisations£3k ri fhaighinn gus na pròiseactan Ealain Ghàidhlig agaibh a leasachadh: Gairm airson Luchd-ealain is Buidhnean a tha ag obair ann an co-theacsan Gàidhlig. Ceann-latha airson tagraidhean: Didòmhnaich 30 Faoilleach 2022
Anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh tha àite cudromach air a bhith aig Glaschu Beò a thaobh obair a chruthachadh agus a leasachadh do luchd-ealain eadar-dhealaichte aig a bheil ùidh ann an dòighean deuchainneach a chleachdadh a thaobh ealain Ghàidhlig. A-nis airson a’ cheathramh turais, tha GUIR!, am prògram brosnachaidh le modal co-obrachail gus obair ùr Ghàidhlig a leasachadh thar caochladh chuspairean, a’ toirt cuireadh do luchd-ealain molaidhean a chur a-steach airson pàirt a ghabhail san sgeama. Tha e na chothrom sgrùdadh agus leasachadh a dhèanamh air cleachdaidhean agus foirmean Ealain Ghàidhlig aig ìrean tràtha de leasachadh pròiseict. Stèidhichte air muinntireas ionann ri 3 seachdainean làn-ùine no 6 seachdainean pàirt-ùine, le prògram-bogaidh air Cultar na Gàidhlig, is e cothrom inntinneach a tha seo gus beachdan ùra, dùbhlanach agus aig fìor thoiseach an leasachaidh a thoirt air adhart chun ath cheum.
Tha sinn a’ sireadh mholaidhean airson pròiseactan a tha a’ freagairt ri aon no barrachd de na slatan-tomhais a leanas:
• sgeulachdan bho choimhearsnachdan Gàidhlig ann an Glaschu nach cualas riamh roimhe no a bha air
am falach
• pròiseactan a tha a’ fosgladh shlighean ùra airson cruthachalachd ann an Cultar na Gàidhlig
• pròiseactan a bhrosnaicheas co-obrachadh le luchd-ealain no buidhnean eile, no roinn na Gàidhlig
• freagairtean don t-suidheachadh làithreach a thaobh cànan na Gàidhlig, coloinidheachd, seilbh
fearainn agus èiginn na gnàth-thìde
• pròiseactan bho raon farsaing de chruthan ealain a’ gabhail a-steach seanchas, cèilidh, litreachas,
ceòl, dannsa, dràma, taisbeanadh beò, sgrìobhadh ùr, obair-ciùird, film, beò-dhealbhadh agus ealain
lèirsinneach
Gus pròiseact a mholadh, cuiribh post-d gu GL.learningteam@glasgowlife.org.uk airson foirm tagraidh. Is e an ceann-latha airson mholaidhean Didòmhnaich 30 Faoilleach 2022 aig 11:59f.
Airson tuilleadh fiosrachaidh no ma tha sibh airson bruidhinn mu mholadh cuiribh fios thugainn air an aon
sheòladh puist-d.
Thèid innse do thagraichean soirbheachail ro Diluain 7 Gearran 2022
Prìomh chinn-latha airson a h-uile tagraiche soirbheachail
• 1-4 Màrt 2022 (9:30-4: 30f) Cùrsa 4-latha air-loidhne leis an luchd-ealain gu lèir co-cheangailte ri
GUIR! (Cultar na Gàidhlig, eachdraidhean, goireasan agus co-obrachadh)
• 17, 24, 31 Màrt agus 7 Giblean 2022 4 seiseanan-obrach seachdaineil co-obrachail
• 10 agus 11 Cèitean 2022
Co-roinn air-loidhne do luchd-ealain GUIR! gus beachdan a thoirt seachad bhon ùine brosnachaidh aca
Fiosrachadh a bharrachd
• Thèid suas ri 3 pròiseactan a thaghadh airson lìbhrigeadh sa Mhàrt/Giblean 2022
• Bidh buidseat suas ri £3000 ann airson gach pròiseict + taic neo-airgeadach a bharrachd
• Bidh luchd-ealain soirbheachail a’ gabhail pàirt ann an cùrsa air-loidhne 4-latha agus feumaidh iad a
bhith saor gus a fhrithealadh
• Fosgailte do luchd-ealain aig a bheil Gàidhlig (ìre sam bith) agus daoine gun Ghàidhlig aig a bheil ùidh
ann an cultar na Gàidhlig.
• Mura h-eil Gàidhlig agaibh bu chòir cuid den mhaoineachadh a thoirt do neach/luchd-ealain coobrachail aig a bheil Gàidhlig mar phàirt den phròiseact
• A rèir nàdar a’ mholaidh agaibh, faodar pasgan taic neo-airgeadach a leasachadh airson gach
pròiseact le cuideachadh bho chom-pàirtichean agus a rèir nan cuingeadan làithreach
• Bidh cuideachadh air-loidhne ann dhuibh tron ùine brosnachaidh gus taic a thoirt do leasachadh na
h-obrach agaibh
• Faodar buidseat fa leth a shònrachadh airson chùisean sònraichte m.e. cosgaisean obrach air-loidhne
no stuthan
• Cha tèid maoineachadh a thoirt do phròiseact a tha ann mar-thà no do bheachd a chaidh a
leasachadh roimhe seo.
• Bu chòir don phròiseact crìochnachadh le co-roinneadh (sònraichte no fosgailte) a tha ri fhaighinn
ann an cruth didseatach
Tha GUIR! air a lìbhrigeadh le Glaschu Beò agus na phàirt den Ro-innleachd Ealain Ghàidhlig (ceangal an seo) airson Plana Gàidhlig Comhairle Baile Ghlaschu. Bidh GUIR! ag obair ann an com-pàirteachas le Thèatar Nàiseanta na h-Alba, Sabhal Mòr Ostaig, Conservatoire Rìoghail na h-Alba agus Tramway. Tha GUIR! air a mhaoineachadh le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.
Tha èiginn Covid-19 air a bhith na dhùbhlan don h-uile duine a’ toirt a-steach luchd-ealain agus
coimhearsnachdan. Is ann air an adhbhar seo a tha GUIR! a' cuimseachadh air obair a ghabhas leasachadh tro dhòighean didseatach no obair bheò a ghabhas gluasad gu riochd didseatach gu furasta ma thig cuingeadan a bharrachd. Tha Glaschu Beò an còmhnaidh dealasach a thaobh obair agus teachd-a-steach a thoirt do luchd-ealain aig àm sam bith a ghabhas a dhèanamh. Bu chòir na pròiseactan a bhith a’ leantainn cuingeadan Riaghaltas na h-Alba a thaobh Covid-19. Leis gur e pròiseact brosnachaidh a tha seo is dòcha gun obraich e a dh’ionnsaigh ìre eile den phròiseact agaibh, taobh a-muigh a’ mhaoineachaidh seo.
Tha Glaschu Beò taingeil airson taic bho mhaoin GLAIF aig Bòrd na Gàidhlig.